Runrig

An ros

Runrig
Ged 's breagha an ròs le dhuilleagan sioda
Faile cho cubhraidh, cubhraidh bho chridh
Na buain e ri'd mhairean oir ni e do mhealladh
Tha dubhan geur puinnsein, geur puinnsein fo sgeith.

Chreid mi na briathran, a h-uile ni riamh dheth
Gur breagha 's gur cubhraidh, cubhraidh am blàth
Bhuain mi am flùran, mar Adhamh an ùbhlan
'S leonadh mo chridhe, mo chridhe gu bràth.

Tha mi nis a crionadh is m'inntinn air phianadh
'S mo shuilean a sior, sior shileadh dheur
'S ged 's tric rinn mi gaire, tha sin nis air an fhaire
'S mo chridhe briste bruite, briste bruite gu leur.

Ged 's breagha an ròs le dhuilleagan sioda
Faile cho cubhraidh, cubhraidh bho chridh
Na buain e ri'd mhairean oir ni e do mhealladh
Tha dubhan geur puinnsein, geur puinnsein fo sgeith.

Encontrou algum erro na letra? Por favor envie uma correção clicando aqui!