Maccrimmon
Alyth mccormack
Dh' aidh cèo nan stùc mu aodann chuilinn
'Us sheinn a' bheinn-shith a torman mulaid
Gorm shuilean ciuin san Dun a' sileadh
O'n thriall thu bhuainn 's nach till thu tuille
'Us sheinn a' bheinn-shith a torman mulaid
Gorm shuilean ciuin san Dun a' sileadh
O'n thriall thu bhuainn 's nach till thu tuille
Sèist:
Cha till, cha till, cha till Maccrimman
An cogadh no sìth cha till e tuille
Le airgiod no ni cha till Maccrimmain
Cha till e gu bràth gu la na cruinne
Tha'n fhairge fa-dhèoigh làn broin us mulaid
Tha'm bàta fo sheól, ach dhiult i siubhal
Tha gairich nan tonn le fuaim neo-shubhach
Ag ràbh gun d'fhalbh 'snach till thu tuille
Cha chluinnear do cheòl san Dun mu fheasgar
'Smac-talla nam mùr le muirn ga fhreagairt
Gach fleasgach us òigh, gun cheol gun bheadrach
O'n thriall thu bhuainn, 'snach till thu tuille
Encontrou algum erro na letra? Por favor envie uma correção clicando aqui!