Griogal cridhe
Ishbel macaskill
'S iomadh oidhche fhliuch is thioram
Sìde nan seachd sian
Gheibheadh griogal dhomhsa creagan
Ris an gabhainn dìon
Sìde nan seachd sian
Gheibheadh griogal dhomhsa creagan
Ris an gabhainn dìon
Sèist:
Obhan, obhan, obhan iri
Obhan iri o
Obhan, obhan, obhan iri
'S mòr mo mhulad, 's mòr
Dhìrich mi dhan t-seòmar mullaich
'S theirinn mi 'n taigh làir
'S cha d'fhuair mise griogal cridhe
Na shuidhe mun chlàr
Eudail mhòir de shluagh an domhain
Dhòirt iad d'fuil an-dè
'S chuir iad do cheann air stob daraich
Tacan beag bho d' chrè
B'annsa bhith le griogal cridhe
Teàrnadh chruidh le gleann
Na le baran mòr na dalach
'S sìoda geal mu'm cheann
Chan eil ùbhlan idir agam
'S ùbhlan uile aig càch
Sann tha m'ubhal cùbhraidh, caineil
'S cùl a chinn ri làr
Nuair bhios mnathan òg' a' bhaile
Nochd nan cadal sèimh
Sann bhios mis' air bruaich do lice
Bualadh mo dha làimh
Encontrou algum erro na letra? Por favor envie uma correção clicando aqui!
Mais ouvidas de Ishbel macaskill
ver todas as músicas- Waulking Set
- Chì Mi'n Toman
- An Ataireachd Ard
- 'S Daor A Cheannaich Mi'n t-Iasgach
- Griogal Cridhe
- Canan Nan Gaidheal
- Thig An Smeòrach As t-Earrach
- Bidh Clann Ulaidh Air do Bhanais
- Bràigh Loch Iall
- An Innis Aigh
- Gur Muladach Sgìth Mi
- Puirt a Beul
- Tha Mo Spiorad Cianail
- Mor a'Cheannaich
- Ho Ro Chan Eil Cadal Orm
- Oran Na Maighdinn-mhara
- Fair And Tender Ladies
- Bha Mi Latha Samhraidh An Steòrnabhagh
- Soraidh Leis An Ait
- Nighean Nan Geug