Òran an t-saighdeir
James grahamGu h-àrd os cionn Dhunèidean
'S ann thachair orm an saighdear
Is dh'fhoighneachd e mo sgeul dhiom
Hi rì hill ò hug òirinn o
Hi rì hill ò mo dhèideag
Hi rì hill ò hug òirinn o
'S ann thachair orm an saighdear
Is dh'fhoighneachd e mo sgeul dhiom
'S thuirt e rium a liostaiginn
'S gun sheas mi greis 's gun dh'èist mi
'S thuirt e rium a liostaiginn
'S gun sheas mi greis 's gun dh'èist mi
Is thuirt e rium 's a Ghàidhlig
'S i chiùird as fheàrr bho'n ghrèin i
Is thug e dh'an taigh-òsda mi
On dheònaich e bhi rèidh rium
Is chuir e bean na bainnse
Nam làimh am fianuis cheudan
Is chuir e bean na bainnse
Nam làimh am fianuis cheudan
Mo mhollachd aig an Fhrangach
Na champa chaoidh cha tèid mi
Mo mhollachd aig an Fhrangach
Na champa chaoidh cha tèid mi
'S mo mhollach aig a Chornailier
Cha tug e fòrladh fhèin dhomh
'S mo mhollach aig a Chornailier
Cha tug e fòrladh fhèin dhomh
'S na caileagan a pòsadh
'S nach fhaigh mi còir air tè dhuibh