Tha sinn a' falbh
Margaret stewart
Tha sinn a' falbh, 's gum bith sinn a' falbh
'S an t-Sealbh a bhith ghar còmhnadh
Nuair thig an t-sìth a null on Fhraing
Gun taing gu faigh sinn fòrladh
'S an t-Sealbh a bhith ghar còmhnadh
Nuair thig an t-sìth a null on Fhraing
Gun taing gu faigh sinn fòrladh
'S bòidheach leam a' dol san ruaig sibh
'S buaidheach leam 'ur còmhdach
Boineid ghorm is ite peucaig
'S trom mo cheum on sheòl sinn
'S iomadh màthair tha gun mhac
Is piuthar tha gun bhràthair
Is nigheanag òg a tha gun leannan
On sheòl sinn thar sàile
'S tha na h-ighneagan fo mhulad
'S tha iad uile brònach
An liuthad saighdear bòidheach dearg
A dh'fhalbh a dh'arm Righ Seòras
'S fhir as coireach bhith ghar togail
'S bhith ghar cur an òrdugh
Nar fhada gum bi claidheamh cruadhach
Suas ri meall do sgòrnain
Encontrou algum erro na letra? Por favor envie uma correção clicando aqui!
Mais ouvidas de Margaret stewart
ver todas as músicas- Hug Oreann o Ro Gur Toigh Leam Fhìn Thù
- Bha Caileag As T-earrach
- I Ho Ro 'S Na Hug Oro Eile
- Colla Mo Rùn
- Tha Sìor Chóineadh Am Beinn Dóbhrain
- 'S Olc An Obair Do Theachdairean Cadal
- Hì Hó Leagain
- Ochoin a Righ, Gur Tinn An Galair An Gradh
- Rinn Thu Eudail Mo Mhealladh
- Dol Dhan Taigh Bhuan Leat
- Cumha Mhic An-toisich
- Sean Duine Cha Ghabh Mi Idir
- He Na Milibhig
- Tha Sinn A' Falbh
- Uamh An Oir
- Òran Fear Ghlinne-Cuaich
- Fhuair Mi Pog A Laimh An Righ
- Òran Tàlaidh An Eich-uisge
- O Mhairi 'S Tu Mo Mhairi
- Théid Is Gun Téid E Leam