Bal na h-aibhne deas
Mary jane lamond'M botul làn a tha mi sireadh
Dh'òlainn deoch-slàinte nan gillean
A dh'imich di-luain bhuainn
Chruinnich còmhlan cridheil, ùrail
Fonnmhor, farumach, glan, cùirteil
'S gur e dh' fhàg mi trom fo chùram
An luchd-ciùil bhith bhuapa
Gu'n robh feadhainn as gach àit ann
Fir á sestico 's á màbou
Fir á siùdaig nam beann àrda
Bhiodh làmhach 's a' chruadal
Cha robh bhuainn an sin ach fìdhlear
Leis an gluaiseamaid 's an ruìdhle
'S e bhith cur earbsa á trì dhiubh
Chuir mi fhìn cho luaineach
Labhair donnchadh le guth àrd ruinn
"O' n a tha luchd-ciùil anns a' bhràighe
Falbhaidh mise leis an làir
'S thig peadar dhaibhidh nuas leam"
Fhuair iad ceòl, 's cha robh e cearbach
Ceòl as am biodh dannsair earbsach
'S e rud bochd a bh'ann gu dearbh
An carghus thigh'nn cho luath oirnn
Is math a dhannsadh ùisdean friseal
Is math a dhannsadh ùisdean friseal
Is math a dhannsadh ùisdean friseal
Leis an fhichead maighdinn
Is math a dhannsadh ùisdean friseal
Is math a dhannsadh ùisdean friseal
Is math a dhannsadh ùisdean friseal
Leis an fhichead maighdinn
Còignear roimhe is còignear dhéidh
Còignear roimhe is còignear dheoidh
Còignear roimhe is còignear
Còignear air gach taobh dheth
Còignear roimhe is còignear
Còignear roimhe is còignear
Còignear roimhe is còignear
Còignear air gach taobh dheth
Is math a dhannsadh ùisdean friseal
Is math a dhannsadh ùisdean friseal
Is math a dhannsadh ùisdean friseal
Leis an fhichead maighdinn
Is math a dhannsadh ùisdean friseal
Is math a dhannsadh ùisdean friseal
Is math a dhannsadh ùisdean friseal
Leis an fhichead maighdinn
Còignear roimhe is còignear
Còignear roimhe is còignear
Còignear roimhe is còignear
Còignear air gach taobh dheth
Còignear roimhe is còignear
Còignear roimhe is còignear
Còignear roimhe is còignear
Còignear air gach taobh dheth