A chatrion' Òg (young catriona)
Julie fowlis
A chatrion' òg 's tu rinn mo leòn,
'S tu dh'fhàg fo bhròn 's fo mhulad mi,
Mi 'n diugh 's an dè air cnoc leam fhèin
A' sileadh dheur 's mi turraman.
Ach 's I mo mhàthair rinn an call
Nuair chuir I shealg na tunnaig mi.
Nuair ràinig mi an linne chaol
'S ann bha mo ghaol a' sruladh innt'.
'S e an gunna caol a rinn do leòn
'S cha dèan mi òirleach tuilleadh leatha.
Ged thèid mi suas dhan bhail' ud shuas
Cha bhi mo chuairt ach diomain ann.
Ged thèid mi dhan taigh ud shìos
Cha chuir catrìona furan orm.
O rìgh nan dùl cùm rium mo chiall
Cha robh mi riamh cho cunnartach,
'S a chatrìon' òg 's tu rinn mo leòn
'S tu dh'fhàg fo bhròn 's fo mhulad mi.
'S tu dh'fhàg fo bhròn 's fo mhulad mi,
Mi 'n diugh 's an dè air cnoc leam fhèin
A' sileadh dheur 's mi turraman.
Ach 's I mo mhàthair rinn an call
Nuair chuir I shealg na tunnaig mi.
Nuair ràinig mi an linne chaol
'S ann bha mo ghaol a' sruladh innt'.
'S e an gunna caol a rinn do leòn
'S cha dèan mi òirleach tuilleadh leatha.
Ged thèid mi suas dhan bhail' ud shuas
Cha bhi mo chuairt ach diomain ann.
Ged thèid mi dhan taigh ud shìos
Cha chuir catrìona furan orm.
O rìgh nan dùl cùm rium mo chiall
Cha robh mi riamh cho cunnartach,
'S a chatrìon' òg 's tu rinn mo leòn
'S tu dh'fhàg fo bhròn 's fo mhulad mi.
Young catriona, you have wounded me
And left me sorrowing and lamenting,
Today and yesterday alone on a hillock,
Shedding grief-stricken tears.
But it was my mother who caused the calamity
When she sent me to hunt the duck.
When I arrived at the narrow strait
My love was washing there.
It was the fowling piece which wounded you
And I will never use it again.
Though I visit the upper township
My stay there will be fleeting.
Though I visit the house below,
Catriona will not welcome me.
O lord of the elements, save me from madness,
I have never been in such danger,
And young catriona, you have wounded me
And left me sorrowing and lamenting.
Encontrou algum erro na letra? Por favor envie uma correção clicando aqui!
Mais ouvidas de Julie fowlis
ver todas as músicas- Bothan Àirigh Am Bràigh Raithneach
- 'Ille Dhuinn, 'S Toiigh Leam Thu
- Biodh An Deoch Seo 'n Làimh Mo Rùin
- A Chatrion' Òg (Young Catriona)
- Tha Caolas Eadar Mi's Iain
- Òran Nan Raiders
- Puirt-a-beul Set
- Mo Bheannnachd Dhan Bhàillidh Ùr
- Mo Ghruagach Dhonn
- Turas San Lochmor
- Thig Am Bàta (The Boat Will Come)
- Cò Nì Mire Rium?
- Òganaich Uir a Rinn M' Fhàgail
- Mo Dhòmhnallan Fhèin
- Tha Mo Ghaol Air Àird A' Chuain
- A Mhic Dhùghaill 'Ic Ruairidh
- Brògan Ùr Agam A-Nochd
- Touch The Sky
- Hùg Air A' Bhonaid Mhòir
- M' Fhearann Saidhbhir