's fhada leam an oidhche gheamhraidh
Anna murray
Sèist:
Faili faili faili o ro
Faili faili faili o ro
Faili faili faili o ro
'S cian nan cian bho dh'fhàg mi leodhas
Faili faili faili o ro
Faili faili faili o ro
Faili faili faili o ro
'S cian nan cian bho dh'fhàg mi leodhas
'S fhada leam an oidhche gheamhraidh
'S fhada 's fhada 's fhada leam I
'S nach fhaic mi ach prèiridh lom ann
'S cha chluinn tonn ri tighinn gu tràigh ann
(Sèist)
'N àm do'n fheasgar a bhi ciaradh
'S tric a bhios mo spiorad cianail
Smaoineachadh g'eil cian nan cian uam
Far 'm bu mhiann leam dhol a chèilidh
Sgap an comunn, sgaoil na fiùrain
Is tha mòran dhiubh 's an ùir orr'
Chunnaic mise cridheil sùrdail
'S o bu shùgradh bhi gan èisdeachd?
(Sèist)
Ach càite nis a-nochd an teid mi?
Chan eil cèilidh air a' phrèridh
'S o chan fhaic mi'n àm dhomh èirigh
'N àirde 'g èiridh ceò na mònach
(Sèist)
Encontrou algum erro na letra? Por favor envie uma correção clicando aqui!
Mais ouvidas de Anna murray
ver todas as músicas- Mo Chridhe Trom
- Cadal Cha Dean Mi
- Gad Ionndrainn
- A Ghaoil Saoil Am Faigh Mi Thu?
- Bean A' Chòtain Ruaidh
- Ruidhleadh
- Caoidh Mo Dhochais
- Tir Nan Og
- Nighean Mo Ghaol
- Saoil A' Mhór
- Tha Mo Rùn
- An Ribhinn Bhòidheach
- Am Breacan Uallach
- Mairead Nan Cuiread
- Finbarr Saunders
- Puirt a Beul
- 'S Fhada Leam An Oidhche Gheamhraidh
- Ailean Duinn
- Crann Tara
- O Cò Thogas