Anna murray

Nighean mo ghaol

Anna murray
Chorus (after each verse):
'S e nighean mo ghaoil-s' an nighean donn òg
Nam biodh tu ri m' thaobh cha bhithinn fo bhròn
'S e nighean mo ghaoil-s' an nighean donn òg

'S I màiri nic neacain as daicheile pearsa
Ghabh mis' uiread beachd oirr' ri neach a tha beò

Nuair sheallainn air d'aodann 's mi'n coinneamh ri d'fhaotainn
Bu mhath leam na faodainn bhith daonnan 'nad chòir

'S on thug thu dhomh gealladh, 's ann dhut-sa nach aithreach
'S chan fhaicear thu'n ath-bhliadhn' 'nad bhanarach bhò

Cha tèid thu do'n bhuailidh a bhleoghan cruidh ghuaillfhionn
'S cha chuir thu ort cuaran 's gur h-uallach do bhròg

Chan fhòghnadh le m' chruinneag a' bhuarach neo chuinneag
'S cha chluinnear gun cumadh I cuman 'na dòrn

Cha leig mi thu'n fhireach thoirt cruidh as an innis
Air eagal na gillean bhith sireadh do phòg

Encontrou algum erro na letra? Por favor envie uma correção clicando aqui!