Anna murray

O cò thogas

Anna murray
Chorus (after each verse):
O cò thogas dhiom an fhadachd?
As mo dheidh chan eirich math dhuit
O cò thogas dhiom an fhadachd?

'S iomadh oidhch' anns an h-ochd bliadhna
Rànaig thu mi dh'innse bhreugan
Fàgaidh mise 'n urra ri dia thu
Bhon tha 'n t-siorruidheachd cho fada

'S iomadh oidhche 's na h-ochd seasain
Thànig thusa orm a cheilidh
'S beag bha dhuil 'am fad an rè sin
Gur e leannan t-eile bh'agam

Bhiodh do chàirdean ag ràitinn
Nach deanainn-sa feum no stàth dhuit
Faodaidh iadsan sguir dha m'chàineadh
Far an laigh an gràdh cha charaich

O gur mise tha gu tùrsach
Mach is dhachaidh as a' mhòine
Faicinn làraichean do bhògan
'S tus' ann an cromor ri fantainn

Encontrou algum erro na letra? Por favor envie uma correção clicando aqui!